Listen "On Sonorous Seas - Na Fuaimean"
Episode Synopsis
Am bi luchd-ealain ag èisteachd ann an dòigh eadar-dhealaichte o luchd-saidheans? Gu dearbha, am bi gach neach againn ag èisteachd ann an dòigh eadar-dhealaichte o chèile agus, am bi sin a’ toirt buaidh air mar a chì sinn an saoghal agus mar a thuigeas sinn e? Bidh sinn ag èisteachd gus brìgh a thoirt às an àrainneachd againn agus tuigse fhaighinn; agus, a thaobh na h-eanchainn dheth, ’s e ar cluasan a dh’innseas dhuinn far am bu chòir dhuinn coimhead: mar a tha fhios againn a-nist, bidh an cortex lèirsinneach a’ cleachdadh fiosrachadh o ar cluasan a thuilleadh air ar sùilean is sinn a’ coimhead air an t-saoghal. Mar sin, bidh ar n-eanchainn a’ cur fuaim gu feum gus tuigse fhaighinn air an rud air a bheil sinn a’ coimhead; ach gu dè thachras dar a chluinneas sinn fuaim is sinn sgarte on tùs: mar eisimpleir, dar a dh’èisteas sinn ri fuaimean domhain na fairge tro hàidrea-fòn.
More episodes of the podcast On Sonorous Seas
The North End Whale
06/07/2022
On Sonorous Seas The Music
22/07/2022
On Sonorous Seas - The Science
12/08/2022
On Sonorous Seas - The Sounds
26/08/2022
On Sonorous Seas - The Gaelic
09/09/2022
On Sonorous Seas - The Marine Soundscape
30/09/2022
ZARZA We are Zarza, the prestigious firm behind major projects in information technology.